Tha Là-Buidheachais a’ tighinn agus tha mise air a bhith a’ smaoineachadh air buidheachas. Dè tha mi fhìn taingeil airson? Dè na rudan math nam bheatha, gu h-àraidh na rud nach eil mi a’ mothachadh gu tric? Tha mòran dhiubh ann. Tha e gu math furasta faicinn na rud nach eil cho math ach uaireannan tha mi dìochuimhnicheadh a bhith a’ coimhead air na rudan math.
Tha mi taingeil airson: Mo theaghlach, tha mi air a bhith fad air falbh bho mo pàrantan airson a mhòr chuid de na deich bliadhna a chaidh seachad agus tha e fior mhath a bhith faisg orra an drast.
Mo charaidean, bha sean caraid agam a’ ceilidh orm an dìreadh seachdain seo chaidh. Tha sinn air bhith nar caraidean on a bha mi sia bliadhna a dh’aois. Bha e uabhasach math ga faicinn agus bha mòran spòrs againn còmhla.
An obair agam: Tha mi ag obair aig sgoil. Nam bheachd-sa (agus dhomhsa) seo an obair as fheàrr san t-saoghal. Tha mi ag ionnsachadh iomadach rud gach latha. An diugh fhèin dh’ionnsaich mi nach eil nathair a dèanamh mùn agus gu bheil ‘super generations’ aig na dealan-dè monarch. Agus tha mi ag ionnsachadh mu m’ dheidhinn cuideachd. A barrachd air sin tha mi a’ faireachdainn gu bheil mi a cuideachadh duine gach latha. Abair deagh faireachdainn!
Bòidhchead an t-saoghal: tha a’ ghrian ag earraidh gach latha agus a deàrrsadh air na craobhan, na beinn, am feur, na coineanaich a tha fuireach fon deac agam. Chan eil rud as fheàrr san saoghal againn.
Dè na rudan math nad bheatha?